top of page
Tha mi sgìth GMU 1-7
00:00 / 01:10

Sèist:

Tha mi sgìth,‘s mi leam fhìn, a’leughadh leabhar, a’leughadh leabhar.     

Tha mi sgìth, ‘s mi leam fhìn, a’dèanamh obair sgoile.

 

Cul an tomain, braigh an tomain, cul an tomain bhoidhich, Cul an tomain, braigh an tomain, a h-uile latha nam aonar.

 

Tha mi sgìth, ‘s mi leam fhìn, a’ leughadh leabhar, a’leughadh leabhar.

Tha mi sgìth, ‘s mi leam fhìn, a’ dèanamh obair sgoile.

 

Ciod am feum dhomh a bhith tuireadh?  Dè nì tuireadh dhomhsa?  ‘S mi cho fada o gach duine, B’urrainn tighinn gam chòmhnadh?

 

Tha mi sgìth, ‘s mi leam fhìn, a’ leughadh leabhar, a’ leughadh leabhar.

Tha mi sgìth, ‘s mi leam fhìn, a’ dèanamh obair sgoile.

HòbhanGMU 1-7
00:00 / 02:03

Hòbhan, hòbhan, Goiridh òg O, Goiridh òg O, Goiridh òg O.

Hòbhan, hòbhan, Goiridh òg O

Tha Ailios na cadal ‘sa ghàrradh a-nis.

 

Fhuair mi lorg an dòbhrain duinn, an dòbhrain duinn, an dòbhrain duinn,

Gu’n d’fhuair mi lorg an dòbhrain duinn

Cha do dhùisg sinn Ailios ‘san ghàrradh fhathast.

 

Fhuair mi lorg na h-eal’ air an t-snàmh, na h-eal’ air an t-snàmh, na h-eal’ air an t-snàmh, Gu’n d’fhuair mi lorg na h-eal’ air an t-snàmh, Cha do dhùisg sinn Ailios ‘san ghàrradh fhathast.

 

Fhuair mi lorg am feòrag ruadh, am feòrag ruadh, am feòrag ruadh,

Gu’n d’fhuair mi lorg am feòrag ruadh, Cha do dhùisg sinn Ailios ‘san ghàrradh fhathast.

 

Fhuair mi lorg a’cheò sa bheinn, a’cheò sa bheinn, a’cheò sa bheinn,

Ged fhuair mi lorg a’cheò sa bheinn, Cha do dhùisg sinn Ailios ‘san ghàrradh fhathast.

Calum CoineanachGMU 1-7
00:00 / 00:47

Horò Calum Coineanach a’ ruith air feadh na mònaidhean

Horò Calum Coineanach a’ siubhal air a’mhòintich.

 

Cluasan fada ‘s còta bian, Siud agaibh an coineanach.

Sùilean beaga ‘s fiaclan geur, air gille beag na mòintich.

 

Horò Calum Coineanach a’ruith air feadh na mònaidhean

Horò Calum Coineanach a’siubhal air a’mhòintich.

Tiog Tog, Ars An GleocGMU 1-7
00:00 / 01:49

Tiog tog, ars an gleog.  Tiog, tiog toc.  Tha thid’ agad eirigh.

‘S tu tha dol dhan sgoil.

Tiog tog, ars an gleog.  Tiog, tiog toc.  Tha thid’ agad eirigh.

Feumaidh tu dhol dhan sgoil.

 

Siuthad, dèan cabhag,  Cluinn fuaim a’chlag.

Tha torr againn ri dhèanamh mus faigh sinn a-mach.

 

Tiog tog, ars an gleog.  Tiog, tiog toc.  Tha thid’ agad eirigh.

‘S tu tha dol dhan sgoil.

Tiog tog, ars an gleog.  Tiog, tiog toc.  Tha thid’ agad eirigh.

Feumaidh tu dhol dhan sgoil.

 

Leughadh an toiseach.  Feuch co’s fheàrr.

Cunntais a-rithisd, ‘s chan fhaod e bhith ceàrr.

 

Tiog tog, ars an gleog.  Tiog, tiog toc.  Tha thid’ agad eirigh.

‘S tu tha dol dhan sgoil.

Tiog tog, ars an gleog.  Tiog, tiog toc.  Tha thid’ agad eirigh.

Feumaidh tu dhol dhan sgoil.

 

Nì sinn beagan sgrìobhaidh, stoiridh neo dhà.

‘S a-rithisd nì sinn deilbh dhen a h-uile seorsa dath.

 

Tiog tog, ars an gleog.  Tiog, tiog toc.  Tha thid’ agad eirigh.

‘S tu tha dol dhan sgoil.

Tiog tog, ars an gleog.  Tiog, tiog toc.  Tha thid’ agad eirigh.

Feumaidh tu dhol dhan sgoil.

Ciamar A Tha Thu?GMU 1-7
00:00 / 00:50

Ciamar a tha thu?  Tha gu math (x3) (a’dannsadh is a’dèanamh na gnìomhan)

Tha gu math, tapadh leibh.

Ciamar a tha thu?  Tha mi fuar (x3)

Tha mi fuar, tapadh leibh.

Ciamar a tha thu?  Tha mi blàth (x3)

Tha mi blàth, tapadh leibh.

Ciamar a tha thu?  Tha mi sgìth (x3)

Tha mi sgìth, tapadh leibh.

Cat Cruinn CadalachGMU 1-7
00:00 / 00:39

Cat cruinn, cadalach a’ cadal anns a’ ghàrradh.

Cat cruinn, cadalach a’ cadal anns a’ ghàrradh.

Cat cruinn, cadalach a’ cadal anns a’ ghàrradh,

a’cadal is a’ cadal is ag aisling air càise.

 

Ailios crosda, cabhagach, a’ cabadaich ‘sa ghàrradh.

Ailios crosda, cabhagach, a’ cabadaich ‘sa ghàrradh.

Ailios crosda, cabhagach, a’ cabadaich ‘sa ghàrradh.

le guth a tha cho gearanaich, gruamach is greannach.

Seoc is SìneGMU 1-7
00:00 / 00:26

Chaidh Seoc is Sìne suas a’ chnoc, suas a’ chnoc, suas a’ chnoc.

Chaidh Seoc is Sìne suas a’ chnoc ag iarraidh cuinneag uisge.

Thuit Seoc is bhuail e cheann, bhuail e cheann, bhuail e cheann.

Thuit Seoc is bhuail e cheann ‘s rinn Sìne car a’ mhuiltean.

Trì Luchagan DallGMU 1-7
00:00 / 00:26

Trì luchagan dall, trì luchagan dall.

Seall cho luath ‘sa theich iad.  Seall cho luath ‘sa theich iad.

Thàinig bean an taighe as an deidh le sgian.

Agus gheàrr i gach earball dheth, fear mu seach.

Cha chuala tu sgreuchail le crathadh is pian

A rinn trì luchagan dall.

A-mach, A-SteachGMU 1-7
00:00 / 01:03

A-mach, a-steach, a’ dol tron na flùraichean (x3)

Tha mi air do chulaibh.

Brig, brig, brig, brag air do earball (x3)

Tiugainn còmhla riumsa.

(Dh’fhaodadh sibh an t-oran a ghabhail trì no ceithir tursan).

Meal Do NaidheachdGMU 1-7
00:00 / 00:15

Meall do naigheachd an-diugh.  Meall do naigheachd an-diugh.

Meall do naigheachd dhutsa is dhutsa.

Meall do naigheachd an-diugh.

Ochan, OchanGMU 1-7
00:00 / 00:32

Oran:  (Luchag)

Ochan, ochan. Tha mi sgìth.

 

HATTER (Lucy):

(le poit tì)

Tha am pathadh orm.  Dè a nì mi?

 

LUCHAG (Ivor):    

Ochan, ochan. Tha mi sgìth.

 

MAIGHEAD (Mata):

(le cèicean)

Tha an t-acras orm. Dè a nì mi?

 

LUCHAG (Ivor):

Ochan, ochan. Tha mi sgìth.

 

HATTER (Lucy):

Bù!

 

Luchag (Ivor):

Tha an t-eagal orm!  Dè a nì mi?

 

Luchag (Ivor):

Ochan, ochan.  Tha mi sgìth

 

Ailios (Zoe):

Aitiù!  Tha an cnatan orm!  Dè a nì mi?

Cò Pheant Na RòsanGMU 1-7
00:00 / 00:47

O cò pheant na rosan, pheant na rosan, pheant na rosan?

O cò pheant na rosan?

Na rosan aig a’bhanrìgh?

 

Bu chòir don rosan a bhith dearg

Ach tha a’bhanrìgh leis an fheirg

Cha robh i sunndach leis a’bheachd

Gum bi na rosan geal mar sneachd.

 

O cò pheant na rosan, pheant na rosan,

pheant na rosan?

O cò pheant na rosan?

Na rosan aig a’bhanrìgh?

bottom of page