top of page

Ailios Ann An Tìr Seunta 

Panto-maim Na Nollaige

 

Alice In Wonderland

Christmas Pantomime 

2019

AILIOS (Iona):

Tha feum agam pròiseact sgoile a dhèanamh mun eachdraidh na dùthcha, ach (a’ mearanaich) tha e cho doirbh a bhith a’ leughadh leabhar as aonais dealbhan (a’ sealltainn an leabhar dhan luchd-èisdeachd).  Seall!

oran:  Tha mi sgìth;  

AILIOS (Iona):

Chan eil an leabhar seo a’còrdadh rium idir ach feumaidh mi barrachd a leughadh co-dhiù.

 

(Fhad’sa tha i ag osnachadh agus a’feuchainn barrachd a leughadh, bidh ceòl as an glockenspiel ri cluinntinn (sèist - An coineachan). 

 

  

AILIOS (Iona):

(a’mearanach a-rithist)

Cuiridh mi an leabhar sìos airson greiseag oir tha an latha cho brèagha.  Duinidh mi mo shùilean ach cha dean mi norrag idir (a’ sìneadh is a’ mearanach).  Tha a’ ghrian cho blàth ach feumaidh mi a bhith air mo dhùsgadh.

 

(Tuitidh Ailios na cadal, thèid sìthichean agus na beathaichean choille timcheall oirre fhad’sa tha an glockenspiel a’cluich a-rithisd. Seinnidh iad an t-oran.)

(Aig crìoch an t-oran, falbhaidh na beathaichean ‘sa choille agus thig an coineanach gheal a-steach na ruith.)

 

COINEANACH (Scot):

O mo chreach ‘sa thàinig!  Tha mi cho fadalach.  Cha bhi am banrigh toilichte idir an-diugh.

AILIOS (Iona):

(a’ dùsgadh agus a’ sìneadh)

O cò tha seo? Coineaneach beag annsach!  Chan fhaca mi riamh coineanach air a bheil aodach riamh roimhe.

 

COINEANACH (Scot):

(a’ coimhead air uaireadair mòr)

Obh obh!  Seall an uair!  Feumaidh cabhag a bhith orm!

 

AILIOS (Iona):

Gu dearbha, chan fhaca mi coineanach aig a bheil uaireadair riamh roimhe.

 

COINEANACH (Scot):

(a’leum o chas gu cas eile, a’coimhead mun cuairt air)

An ainm an aigh!  Dè nì mi?

 

AILIOS (Iona):

Gabh mo lethsgeul ach dè’n t-ainm a th’ort?

 

COINEANACH (Scot):

Dè’n t-ainm a th’orm?  Dè’n t-ainm a th’orm?  Is mise Calum; Calum Coineanach.   Agus bidh mi “Calum Coineanach as aonais Ceann” ma bhios mi fadalach air beulaibh a’ bhanrigh.  Togaidh i mo cheann dhiom mur eil mi nas luaithe!

 

(Feumaidh an coineaneach a’ ruith o thaobh gu taobh eile an ard-ùrlar fhad’sa tha a h-uile duine a’seinn an t-oran aige.)

COINEANACH (Scot):
O mo chiabhagan!  O mo cheann!

AILIOS (Iona):
Gabh do shòcair!  Dè tha ceàrr ort?  Fuirich còmhla riumsa airson greiseag.

 

COINEANACH (Scot):

Chan urrainn dhomh fuirich idir.  Tha mi anmoch airson a’ bhan righ.
Thoir sùil air a’ghleog!  (a’ sealltainn an gleog do dh’Ailios)

 

COINEANACH (Scot):

Abair gleòg gorach.  Chan eil an uair ceart aige idir. (ga crathadh)

Chan eil mi a’dol dhan sgoil idir ach feumaidh

mi a bhith aig lùchairt a’bhanrìgh.  Bidh i cho crosda rium mur eil mi

ann.  Bha mi caran fadalach an-dè cuideachd agus cha robh i toilichte. (a’smèideadh ri Ailios) Tìoraidh.  Mar sin leat.  Feumaidh mi falbh!

(a’ruith tron toll san talamh)

 

AILIOS (Iona):

Fuirich!  Fuirich riumsa!  (a’ruith chun toll cuideachd agus a’coimhead a-steach) O tha e dubh, dorcha an seo.  Càite an deach e? (a’ cur a ceann a-steach, an uairsin a casan)  O mo chreach sa thàinig!  Tha mi a’tuiteam sìos an toll.

(a’ cur car mu timcheall an ard-ùrlar)

 

   AILIOS (Iona):

O taing do shealbh.  Tha mi aig a’bhonn a-nis.  Agus tha doras ann ach tha e cho beag agus tha mise ro mhòr.  (a’ coiseachd mu cuairt, a’ coimhead air an doras agus air bòrd). Tha botail air a’ bhòrd seo.  Tha rudeigin sgrìobhte air…. Òl mi……(a’sealltainn an sgrìobhadh dhan luchd-èisdeachd).  Am bu choir dhomh sin a dh’òl?  ‘S dòcha gur e puinnsean a th’ann!  Feuchaidh mi deoch beag bìdeach a ghabhail oir tha am pathadh ormsa co-dhiù. (a ’togail deoch) Mmm… tha seo gu math blasta. (download no instrumaidean ciùil: fuaim a’ fàs nas lugha)

 

AILIOS (Rosie):            

Obh obh.  Dè thachair?  Seall ormsa a-nis! Tha mi nas lugha na bha mi ciad rud ‘sa mhadainn.  Ach is urrainn dhomh fhaighinn tron doras beag seo.  Thèid mi troimhe agus lorgaidh mi an coineanach beag annsach.  (a’coiseachd tron dorsa)

 

(Air taobh eile an doras chì sinn dìthis bhalach, Tweedledum agus Tweedledee.  Tha flùraichean is craobhan, balgam-buarach agus frìth-rathad air an ard-ùrlar cuideachd.)

                                               

AILIOS (Rosie):

Gabh mo lethsgeul.  Am faca tu coineaneach gheal aig an robh uaireadair mòr?  Tha mi ga leantainn.  An deach e chun taobh ud thall no an taobh seo?

 

TWEEDLEDUM (Rhona):

Abair nighean mì-mhodhail.

 

TWEEDLEDEE (Mirrin):

Cus cabhag.  Cus cabhag!

 

TWEEDLEDUM (Rhona):

Seadh.  Chan eil tìde gu leòr aice a bhith a’bruidhinn rinn.

 

TWEEDLEDEE (Mirrin):

Bu choir dhi fhaighinn a-mach cò sinne agus ciamar a tha sinn.

                            

AILIOS (Rosie):

Tha mi cho duilich.  Cha robh dùil agam a bhith mì-mhodhail idir. Toisichidh sinn a-rithisd. Is mise Ailios.  Dè na h-ainmean a tha oirbhse?

 

TWEEDLEDUM (Rhona):

Halò Ailios.  Tha mi toilichte gad aithneachadh.

 

TWEEDLEDEE (Mirrin):

Is mise Tweedledee agus seo mo bhràthair, Tweedledum.

 

AILIOS (Rosie):

Tha sibh cho coltach ri dà sgadan!

 

TWEEDLEDUM (Rhona):

Ciamar a tha thu an-diugh, Ailios?

 

AILIOS (Rosie):

Tha gu math tapadh leat.  Ciamar a tha sibhse?

 

TWEEDLEDEE (Mirrin):

Tha mise caran fuar an-diugh.

 

TWEEDLEDUM (Rhona):

Ach tha mise uabhasach blàth an-diugh.

AILIOS (Rosie):

Tha mise gu math sgìth a-nise, as deidh dannsadh agus oran a sheinn.

 

TWEEDLEDEE (Mirrin):

Tha mise cho sgìth ri seann chù!

 

TWEEDLEDUM (Rhona):

Tha mise cho rag ri seann each!

 

AILIOS (Rosie):

An tèid thu còmhla rium gus an lorg mi an coineanach gheal a-rithisd?

 

TWEEDLEDEE (Mirrin):

Cha tèid, cha tèid.  Tha sinn fada ro sgìth.

 

TWEEDLEDUM (Rhona):

Feumaidh sinne tilleadh dhachaigh.

 

TWEEDLEDEE (Mirrin):

Aidh, thèid sinn dhachaigh agus gheibh sinn norrag chadail.

 

AILIOS (Rosie):

Dè’n slighe as fheàrr airson an coineanach a leantainn?

 

TWEEDLEDUM (Rhona):

Chan eil fios agam le cinnt.  Feuch an taobh chlì (a’sealltainn chun chlì)

 

TWEEDLEDEE (Mirrin):

Neo, feuch an taobh dheas (a’sealltainn chun dheas).

 

TWEEDLEDUM (Rhona):

Tìoraidh.

 

TWEEDLEDEE (Mirrin):

Mar sin leat.   (Coisichidh an dìthis aca air falbh)

 

AILIOS (Rosie):

An taobh chlì no an taobh dheas?  Cò aig a tha fios?

 

CAT (Arran):

(a’nochdadh air cùlaibh Ailios)

Cò aig a tha fios?  Is dòcha gum bi fios agamsa air am freagairt, ma bhios fios agamsa air an ceist!

 

AILIOS (Rosie):

Bha mi ag iarraidh fhaighinn a-mach dè’n rathad a ghabhas mi.

 

Cat (Arran):

Càite bheil thu ag iarraidh a dhol ann?

 

AILIOS (Rosie):

Chan eil fios agam idir, ach…

 

CAT (Arran):

Uill, chan eil diofar ann dè’n rathad a ghabhas tu, mur eil thu ag iarraidh a bhith ann an àite sònraichte!

 

AILIOS (Rosie):   

O, chan eil an còmhradh seo a’cur taic dhomh idir. (gu gruamach) Is urrainn dhomh gàrradh brèagha fhaicinn ud thall.  Thèid mi ann agus lorgaidh mi cuideigin eile, cuideigin nas taiceil. 

 

CAT (Arran):

‘Se do bheatha.  (a’ mearanaich agus a’ sìneadh).  ‘Se latha brèagha a th’ann co-dhiù, agus tha mi a’ faireachdainn caran cadalach.  Suidhidh mi ‘san ghàrradh a-measg na flùraichean agus thèid mi nam chadal airson greiseag.

 

AILIOS (Rosie):

(fhathast crosda agus a’coiseachd gu taobh an ard-ùrlar)

Cò riamh a chunnaic cat le comas labhairt roimhe?

‘S bochd nach d’thuirt i rudeigin feumail dhomh ged-tà!  Abair peasan!

 

(Feumaidh an cat agus na flùraichean a ghluasad gu meadhon an ard-ùrlar)

 

FLÙR 1 (Mara):

Trobhad còmhla rinne, mo charaid.

 

FLÙR 2 (Jasmine):

Suidhe sìos nar measg.

 

FLÙR 3 (Ailios W)

Dèan thu fhein cofhurstal an seo.

 

AILIOS (Rosie):

An ainm an aigh!

Tha comas labhairt fiu’s aig na flùraichean cuideachd!

 

FLÙR 4 (Kayla):

(a’bruidhinn ri Ailios)

Agus tha faclan còir is coibhneil againne!

 

FLÙR 5 (Dana):

(a’tionndadh is a’bruidhinn ri Ailios cuideachd) 

Mur eil agadsa!

 

FLÙR 6 (Darcy):

(a’ bruidhinn ris a’ chat)

Seinnidh sinne oran dhut, gus a tha thu nad chadal.

FLÙR 7 (Darcy):

Seall.  Tha Seoc is Sìne a’ tighinn thugainn.  Obh, obh.

Tuitidh iad a-rithisd agus bidh ceann goirt aig Seoc mar a bha

aige an-dè cuideachd.

(Feumaidh Seoc is Sìne thighinn air an steidse tron òran)

SEOC (Ciaran):

(a’ rànail) 

Ooo, tha mo cheann goirt.

 

SÌNE (Lily):

(a’ tionndadh am bucaid bun os cionn). 

Tha am bucaid falamh. Feumaidh sinn barrachd uisge fhaighinn. Trobhad.  Suas a’chnoc a-rithisd.

 

(Chì sinn na trì luchagan dall a’ tighinn air an stèidse le speucailearan dubha orra agus maidean geala)  

(As deidh greiseag, thig bean an taighe na ruith le sgian geur na làimhe)

 

FLÙR 8 (Beathag):

Seall.  Seo na trì luchagan dall agus tha bean an taighe as an deidh.

Shaoilinnsa gum bi i seachd searbh sgìth gan ruagadh.

(Tha bean an taighe a’ feuchainn greim fhaighinn air gach luchag, ach tha iad a’ ruith seachad oirre.  Tha Ailios a’coimhead gu math draghail.)

 

LUCHAG 1 (Struan):

Cuidich mi!

 

LUCHAG 2(Ruaraidh):

Càite bheil thu?  Chan eil mi gad fhaicinn!

 

LUCHAG 3 (Nye):

A bheil m’earball fhathast orm?

 

BEAN AN TAIGHE (Olivia):

Fuirich gus am faigh mi grèim oirbh uile.

Cha bu choir do luchag sam bith a bhith am broinn an taigh agamsa!

(Tha iad uile a’ruith mu timcheall na flùraichean agus gam brìseadh.)

 

AILIOS (Alice):

(a’ feuchainn stad a chur orra)

Stad!  Sguir dheth!

Thoir an àire air na flùraichean.

 

(Feumaidh na flùraichean cearcall a dhèanamh; deiseil airson an ath phort

agus feumaidh na luchagan, bean an taighe agus Ailios a bhith a’ coiseachd a-mach agus a-steach gach flùr.  Nì iad stad aig gach “brig, brig…” airson flùr a shliobadh).

(Aig deireadh an t-oran, falbhaidh na luchagan le bean an taighe fhathast as an deidh.)

 

AILIOS (Alice):

Uill, a shìorraidh!  Abair boireannach cruaidh! (a’ crathadh ceann)

 

FLÙR 1 (Mara):

Ma bhios tu a’ smaoineachadh gu bheil ise cruaidh, fuirich gus an tig a’ bhan-rìgh!

 

FLÙR 2 (Jasmine):

Thug bean an taighe na h-earbail às na luchagan.

 

FLÙR 3 (Ailios W):

Togaidh a’bhanrìgh do cheann dhiot!

(a’ smeideadh le làmh an aghaidh a sgòrnan, a h-uile flùr a chur làmhan air am beòil le eagal)

 

FLÙR 4 (Kyala):

Tha fios aig Calum Coineanach gu bheil i daonnan feargach…

 

FLÙR 5 (Dana):

…agus fiadhaich…

 

FLÙR 6 (Darcy):

…agus borb…

 

FLÙR 7 (Darcy):

…agus crosda!

 

FLÙR 8 (Darcy):

Tha i eagalach, feagalach!!!

 

AILIOS (Alice):

An d’thuirt thu gun robh an coineanach geal eòlach oirre?

 

FLÙR 1 (Mara):

Gu dearbha.  Tha an coineanach geal ag obair air a son.

 

FLÙR 2 (Jasmine):

Tha an coineanach bochd an còmhnaidh anmoch ged-tà.

 

FLÙR 3 (Ailios W):

Agus cha toil leis a’bhanrìgh duine sam bith a bhith fadalach idir.

 

AILIOS (Alice):

Am faca tu an coineanach geal an-diugh?

 

FLÙR 4 (Kayla):

Chunnaic.  Chunnaic mise nas tràithe e?

 

FLÙR 5 (Dana):

Bha e na deann ruith, mar is àbhaist.

 

FLÙR 6 (Darcy):

Cha bhi a’bhanrìgh toilichte ma bhios e fadalach a-rithisd.

 

(Thig burrais air an stèidse, gu math slaodach)

 

FLÙR 7 (Darcy):

Thoir an àire a h-uile duine.  Tha burrais a’tighinn thugainn.

 

FLÙR 8 (Beathag):

Cha toil leam am burrais idir.  Ithidh i na duilleagan agam.

(Feumaidh a h-uile flùr drein a dhèanamh air aodann agus crath na duilleagan aca).

 

FLÙR 7 (Darcy):

Bidh i ceart gu leòr nuair a tha in a dealan-dè ach b’fheàrr leam mo dhuilleagan a chumail slàn an-drasda.

(Gluasaidh na flùraichean air falbh bhon bhurrais agus falbhaidh iad an stèidse)

 

FLÙR 8 (Beathag):

Tìoraidh Ailios.  Chì sinn a-rithisd thu.

 

(Tha am burras agus Ailios air meadhon an stèidse. Tha guth uabhasach slaodach aig a’bhurrais.)

 

BURRAS (Gregor):

Agus… cò… tha….seo?

 

AILIOS (Alice):

Is mise Ailios.

 

BURRAS (Gregor):

Agus… dè seòrsa…rud … a’th’ann…”Ailios”?

 

AILIOS (Alice):

‘S e nighean bheag a th’annamsa.

Ach tha mi nas lugha a-nise, na bha mi ciad rud ‘sa mhadainn!

Airson an fhìrinn a dh’innse, tha mi ro bheag an drasda!

 

BURRAS (Gregor):

ro bheag?

 

AILIOS (Alice):

Seadh.  Chan eil mi ach deich ciadameatairean a dh’fhaid…

 

BURRAS (Gregor):

Agus dè tha ceàrr ri seo?  Chan eil mise ach… deich… ciadameatairean

…a dh’fhaid agus tha seo àrd gu leòr… dhomhsa!

 

AILIOS (Alice):

Ach b’àbhaist dhomhsa a bhith nas àirde!  B’fheàrr leam nach robh

                   mi cho goirid ‘sa tha mi an-drasda.

(Gu slaodach, feumaidh am burras a’toirt balgam-buarach do dh’Ailios).

 

BURRAS (Gregor):

Ith an taobh eile den bhalgam-buarach seo….agus…fàsaidh tu nas motha a-rithisd.  (Fhad’sa tha am BEAN AN TAIGHE a’ coiseachd air falbh gu mall tha Ailios a’coimhead air a’bhalgam-buarach).

 

AILIOS (Alice):

An taobh eile?  An taobh seo? …neo… an taobh sin?

(Dùsgaidh an cat a bha a’cadal fad na h-uine aig oir an steidse)

 

CAT (Arran):

(a’mearanach is a’sìneadh)

Halò Ailios.  Tha thu fhathast an seo.

Nach eil fios agad fhathast dè’n rathad a ghabhas tu?

 

AILIOS (Alice):

Chan eil fios agam idir dè’n rathad a dh’fheumas mi ghabhail airson

an coineanach fhaicinn.  Agus chan eil fios agam dè’n taobh den

bhalgam-buarach a dh’fheumas mi ithe gus am fàsaidh mi mòr

a-rithisd.  Dè nì mi?

 

CAT (Arran):

Coisich chun taobh chlì agus chì thu am Mad Hatter.  Tha e buileach

às a chiall ach bidh fios aigesan far a lorgas tu an coineanach geal.

 

AILIOS (Alice):

As a chiall?  Cha bu toil leam cuideigin a tha “as a chiall” fhaicinn idir!

 

 

CAT (Arran):

Tha sinn uile às ar ciall an seo!  Beannachd leat.  Feumaidh mi falbh.

 

AILIOS (Alice):

Stad!  ….Na fàg mi nam aonar… Fuirich còmhla rium…

O, dh’fhalbh e! (a’comhead mun cuairt oirre)

 

(Thig am Hatter, luchag is maighead chun an stèidse le stuth airson pàrtaidh mar cupannan, poit tì, siuga bainne is mar sin air adhart. Tha iad a’seinn fhad’sa a tha

iad a’cur a h-uile càil air bòrd)

AILIOS (Alice):

O, pàrtaidh cò-là breith!  Is toil leamsa pàrtaidhean.

 

HATTER (Lucy):

Chan e.  Chan e.  Chan e.

Chan e pàrtaidh cò-là breith a th’ann idir.

 

LUCHAG (Ivor):

(guth àrd is slaodach)

Chan e gu dearbha.

 

MAIGHEAD (Mata):

(cnag-shùileach agus guth àbhaisteach ach cabhagach)

Chan e gun teagamh.

 

Hatter (Lucy):

‘S e pàrtaidh as aonais cò-là breith a th’ann!

 

LUCHAG (Ivor):

Seadh. Pàrtaidh as aonais cò-là breith idir!

 

MAIGHEAD (Mata):

Pàrtaidh gun cò-là breith idir

 

HATTER (Lucy):

Chan eil cò-là breith aig a h-uile duine ach aon thuras gach bliadhna.

Mar sin, bidh barrachd na trì ceud laithean as aonais cò-là breith

againn gach bliadhna.

 

MAIGHEAD (Mata):

Barrachd cothroman airson pàrtaidh!

 

HATTER (Lucy):

Barrachd tì is cèic!

 

MAIGHEAD (Mata):

Briosgaidean is suiteis!

 

AILIOS (Alice):

Cò leis a tha am pàrtaidh as aonais cò-là breith?

 

HATTER (Lucy):

‘S ann leamsa a tha e!

 

MAIGHEAD (Mata):

‘S ann leamsa a tha e.

 

HATTER (Lucy):

(a’ coimhead air an luchag)

Agus, ‘s ann leis-san a th’ann.

 

AILIOS (Alice):

Shaoilinnsa, gur ann leamsa a tha am pàrtaidh as aonais cò-là breith cuideachd!

 

HATTER (Lucy):

Abair iongadh!  Seinnidh an luchag oran dhut.

 

LUCHAG (Ivor):

(fonn, Twinkle, twinkle little star)

Rionnagan, rionnagan, beag agus mòr.

Fada air falbh, sìos anns a’mhuir.

 

AILIOS (Alice):

O stad!  Chan eil sin idir ceart!  Tha na faclan uile ceàrr!

Bu choir don fhaclan seo a bhith agad… (a’seinn)

HATTER (Lucy):

Abair nighean mì-mhodhail!  Mhìl thu an t-oran aice.

Seall.  Tha an luchag a’ faireachdainn tro’cheile a-nis.

 

LUCHAG (Ivor):

(a’ rànail)

Mhìl thu an t-oran agam.

 

AILIOS (Zoe):

Tha mi cho duilich.  Cha robh dùil agam d’fhaireachdainnean a ghoirteachadh.  Tha gùth snog agad agus chord an oran rium.

 

MAIGHEAD (Mata):

Chòrd e riut?

 

AILIOS (Zoe):

Chòrd gu dearbha.

 

HATTER (Lucy):

Abair nighean tlachmhòr!  Cho còir!  Cho coibhneil!

Gabh srùpag còmhla rinn.

 

MAIGHEAD (Mata):

Seadh.  Cupan tì agus pìos chèic.

 

AILIOS (Zoe):

Gabhaidh gu dearbha.  Is toil leam tì is cèic.

Agus tha mi gu math measail air briosgaidean is suiteis.

 

 

HATTER (Lucy):

Sgoinneil.  Tha am pathadh orm.  Nì mi poit tì.

 

Maighead (Mata):

Math dha rìribh.  Tha an t-acras ormsa.  Gheibh mi cèic.

 

HATTER (Lucy):

Dusgaidh mi an luchag.  Tha i daonnan sgìth.

(a’ seasamh air culaibh an luchag agus a’ dèanamh fuaim uabhasach, ‘s dòcha le siombalan.)

 

LUCHAG (Ivor):

(a’ dusgadh agus a’leum suas le eagal)  Aaargh!  Stoirm!  Cha toil leam

tàirneach is dealanaich.  Tha eagal orm.  Cuidich mi!

 

AILIOS (Zoe):

(a’ cur a gairdeanan mu thimcheall an luchag)

Na bi dragh ort a luchag.  Chan eil stoirm sam bith ann idir.

Dhuisg do charaidean thu le fuaim eagalach.

Tha mi sgìth GMU 1-7
00:00 / 01:10
HòbhanGMU 1-7
00:00 / 02:03
Calum CoineanachGMU 1-7
00:00 / 00:47
Tiog Tog, Ars An GleocGMU 1-7
00:00 / 01:49
Ciamar A Tha Thu?GMU 1-7
00:00 / 00:50
Cat Cruinn CadalachGMU 1-7
00:00 / 00:39
Seoc is SìneGMU 1-7
00:00 / 00:26
Trì Luchagan DallGMU 1-7
00:00 / 00:26
A-mach, A-SteachGMU 1-7
00:00 / 01:03
Meal Do NaidheachdGMU 1-7
00:00 / 00:15
Ochan, OchanGMU 1-7
00:00 / 00:32

HATTER (Lucy):

Obh, obh.  Nighean bhochd.  Tha an cnatan ort a-nise.

Uill, chan eil dad nas fheàrr na cupan tì nuair a tha thu

a’faireachdainn grod.

 

Maighead (Mata):  

Chan eil dad nas fheàrr na cupan tì nuair nach eil thu

a’ faireachdainn grod nas mò!

 

Ailios (Zoe):         

Bu toil leam cupan tì fhaighinn, mas e do thoil e.

 

Luchag (Ivor):

 (a’mearanaich) 

Tha mi… cho…sgìth!  Oidhche mhath. 

(a’tuiteam na cadal)

 

(Tha an Hatter a’toiseachadh an tì a dhòrtadh nuair a chluinneas sinn fuaim

trompaid (fanfare) a’tachairt.  Tuitidh na cupannan air an làr.  Tha an Hatter agus

am maighead a’toirt greim air a cheile.  Dùsgaidh an luchag le sgreuch a-rithisd. 

Chan eil fios aig Ailios carson a tha eagal orra idir.)

 

LUCHAG (Ivor):

Aargh!  Stoirm!  Cha toil leam tàirneach is dealanaich. Tha eagal orm.  Cuidich mi!

 

HATTER AGUS MAIGHEAD (Lucy/Mata): (ri cheile):

Aargh!  A’bhanrìgh!

 

HATTER (Lucy):

(a’ bruidhinn ris an luchag)

Tha seo fada nas miosa na stoirm.

 

MAIGHEAD (Mata):

(a’ leum o chas gu cas)

O mùrt!  Tha a’ bhanrìgh a’ tighinn!

 

HATTER (Lucy):

(làmhan air crìth)

Dè nì sinn?

 

MAIGHEAD (Mata):

(a’coimhead mun cuairt)

Falachaidh sinn!  Cho luath’sa ghabhas.

 

LUCHAG (Ivor):

Teichibh!

 

HATTER (Lucy):

Greisibh oirbh!  Mach à seo leinn!

 

 

MAIGHEAD (Mata):

Togaibh ur casan leibh.

 

HATTER (Lucy):

Trobhad Ailios.  Feumaidh sinn falbh.

 

(Feuchaidh iad a ruith air falbh ach thig a’bhanrìgh air an stèidse còmhla riutha.

Air a cùlaibh chì sinn an rìgh agus an uairsin saighdearan coltach ri cairtean-chluiche)

(Bhiodh e eibhinn ma bhios banrìgh mòr air a bheil gùth làidir agus rìgh beag air a bheil guth nas laigse againn).

 

BANRÌGH (Tathiana):

Cò tha seo?  Agus dè tha iad a’ dèanamh ‘sa ghàrradh agamsa?

 

RìGH (Micheal):

Gu dearbha a’ghràidh.  Cò iad?  Agus dè tha iad a’ dèanamh ‘san ghàrradh agadsa?

(An uairsin, ruithidh an coineanach geal chun àrd-ùrlar).

 

COINEANACH (Scot):

Fàilte oirbh uile gu lùchairt a’ bhanrìgh! (gùth làidir)

(a’ casadaich) …agus an rìgh. (gùth nas isle)

 

BANRÌGH (Tathiana):

Tha thusa fadalach a-rithisd!  Togaidh mi do cheann dhìot!

 

COINEANACH (Scot):

(a’rànail)

Ooooh!  Na dèan sin dhomh!

Cha robh dùil agam a bhith anmoch idir.  Seall, bha an gleòg agam ceàrr!

 

BANRÌGH (Tathiana):

Tha feum agad gleòg ùr fhaighinn ma-tà!

 

COINEANACH (Scot):   

Seadh, seadh.  Nì mi sin.  Ach càite am faigh mi gleòg ùr?

 

HATTER (Lucy):

Tha gleòg aig an luchag agus chan eil feum aice air.  Tha am fuaim

a’cur eagal oirre gach turas a bhuail e an uair.  Seall.

COINEANACH (Scot):

O ceud, mìle taing.  Cha bhi mi riamh fadalach, gu sìorraidh bràth.

Abair uaireadair spàideil.  Chan fhaca mi gleòg cho brèagha nam bheatha.

 

(Aig deireadh an t-oran tha an Hatter, Maighead is Luchag a’ feuchainn a dhol air

 falbh, gu socair, fhad’sa tha an coineanach a’bruidhinn; ach chì am banrìgh iad).

 

BANRÌGH (Tathiana):

(ann an gùth àrd is làidir)

Fuirichibh far a bheil sibh!

 

RìGH (Micheal):

(ann an gùth nach eil cho làidir)

Seadh.  Fuirichibh far a bheil sibh!

 

BANRÌGH (Tathiana):

Tha mi ag iarraidh facal oirbh.

 

RìGH (Micheal):

Tha i ag iarraidh facal oirbh.

 

BANRÌGH (Tathiana):

 (a’coimhead air rosan geal is dearg)

Cò chur rosan geala nam ghàrradhsa?

Agus cò chur peant dearg orra?

 

 

(Tha eagal air na saighdearan agus tha iad a’coimhead air a cheile. Tha an rìgh

a’coimhead mun cuairt an stèidse agus a’toirt sùil air na rosan.  An uairsin, seinnidh

iad an t-oran air beulaibh na luchd-èisdeachd).

BANRÌGH (Tathiana):

An d’rinn thusa e?

(a’ coimhead air an Hatter)

 

HATTER (Lucy):

Cha d’rinn mise e!

 

BANRÌGH (Tathiana):

An d’rinn thusa e?

(a’ coimhead air am maighead)

 

Maighead (Mata):

Cha d’rinn mise e!

 

BANRÌGH (Tathiana):

An d’rinn thusa e?

(a’coimhead air an luchag)

 

Luchag (Ivor):

Oooo, gu dearbha cha d’rinn mise idir e!

 

RìGH (Micheal):

M’eudail…

 

 

BANRÌGH (Tathiana):

Dè th’ann?  Nach eil fios agad gu bheil mi trang?

 

RìGH (Micheal):

ach dè mu dheidhinn an nighean ud thall?

Chan aithne dhomh i agus tha coltas gruamach oirre.

 

BANRÌGH (Tathiana):

 (a’tionndadh do dh’Ailios)

Aha!  ‘S tusa as coireach!

 

AILIOS (Zoe):

Cha d’rinn mise rud ceàrr.  Cha robh mi faisg air na rosan agaibh.

 

BANRÌGH (Tathiana):

Na innis breugan dhomhsa!  Togaidh mi do cheann dhìot!

 

RÌGH (Micheal):

Obh obh!  Na innis breugan dhi.  Togaidh i do cheann dhìot!

 

AILIOS (Zoe):

Chan e breugaire a th’annamsa idir.

Agus chan eil eagal ormsa romhadsa!

Mach às mo shealladh!  (a’putadh am banrìgh air falbh)

 

(Tha a h-uile duine air an stèidse a’tionndadh gu slaodach agus a’coiseachd air falbh gus a tha Ailios na h-aonar.)

 

BANRÌGH (Tathiana):     

Rinn i ionnsaigh orm!

 

RÌGH (Micheal):             

Donas is mì-mhodh!

 

LUCHAG AGUS MAIGHEAD (Ivor/Mata) ri cheile:

Tìoraidh!

 

HATTER (Lucy):

Siuthad Ailios!  Thalla dhachaigh.  Air ais dhan tìr agad fhein!

 

Tha Ailios a ruidh air falabh dhan choillie, tha an t-acras orra, tha I a’ faicinn balg-buachaille agus tha I a togail fear.  Tha I a coimhead air agus tha na creutairean coille a tighinn a mach as na craobhan.

 

AILIOS (Zoe):

Tha mi leis an acras, feumaidh mi seo ithe

 

(Tha an cat a tighinn a mach as na craobhan)

 

CAT (Arran):

Mu dh’ithes thu an taobh chli dhan balag-buachaille bidh thu a fas nas lugha a rithist ach mu dh’ithes thu an taobh dheas dhan bidh thu a fas nas motha.

 

(Tha Ailios ag ithe an taobh deas dhan balg-buachaille, tha na creutairean coille a’ seinn oran.  Tha Ailios a fas nas motha agus a tuiteam na cadal.Tuitidh Ailios na cadal agus thèid sìthichean is beathaichean choille timcheall oirre fhad’sa tha an glockenspiel a’cluich a-rithisd. Seinnidh iad an t-oran.)

AILIOS (Zoe)

Seall!! Se aislig a bh’ ann!!! Tha mi air ais dhachaigh a-nis.

Cò Pheant Na RòsanGMU 1-7
00:00 / 00:47
Hòbhan FinaleGMU 1-7
00:00 / 00:24
bottom of page